Àrdachadh tuarastail slàinte air iarraidh

Luchd-togail fianais Unison

Tha luchd-obrach seirbheisean slàinte na Gàidhealtachd a' crochadh air bancaichean-bìdh ri linn a' chaisg air àrdachadh pàighidh ann an roinn na slàinte, a rèir an aonaidh Unison.

Tha luchd-obrach slàinte air Ghàidhealtachd a' togail fianais Diardaoin san Aghaidh Mhòir far a bheil NHS na Gàidhealtachd a' cumail an sgrùdaidh bhliadhnail le Ministear Slàinte a' Phobaill, Aileen Chaimbeul.

Tha ceannardan aonaidh ag ràdh gu bheil an t-àrdachadh de 1% a mhàin air tuarastal luchd-obrach nan seirbheisean poblach a' ciallachadh gu bheil luach a' phàighidh air crìonadh 17% bho 2010.

Thuirt Rùnaire Cùram Slàinte Meur na Gàidhealtachd de Unison, Janette McQuiston, gu bheil buaidh mhòr aig a seo air grunn dhaoine agus gu bheil iad airson gun tèid èisteachd riutha.

Dh'iarr i gum faigheadh an luchd-obrach àrdachdh air a bheil iad airidh.

Mura tig àrdachadh air an tuarastal, thuirt i gum fàgadh barrachd luchd-altraim agus dhotairean an t-seirbheis slàinte.