Moladh 'son sgìre sgìthidh dhan choimhearsnachd

Lioft sgithidh a' Chairn Ghuirm Image copyright Jim Barton: Geograph
Image caption Dh' iarr Comann Gnìomhachais na h-Aghaidh Mòire air Natural Retreats an t-seann lioft a bh' ann a chur air ais gu dol, gus am biodh a' bheinn freagarrach 'son cleachdadh uair eile.

Tha buidheann ghnìomhachais 'san Aghaidh Mhòr a' moladh gum bu chòir don choimhearsnachd sgìre sgìthidh a' Chairn Ghuirm a cheannach.

Thuirt Comann Gnìomhachais na h-Aghaidh Mòire nach eil an t-àite freagarrach agus iad a' cur an aghaidh nam planaichean a tha aig Natural Retreats, a tha ruith nan goireasan sgìthidh, air a shon.

Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, aig a bheil an t-àite, gur e briseadh dùil a tha seo dhaibhsan.

Anns na beagan mhìosan a dh' fhalbh, dh' innis a' chompanaidh 'Natural Retreats', a tha a' ruith nan goireasan spòrs-sneachda air a' Charn Chorm, gu bheil iad am beachd atharrachaidhean a dheànamh.

Càineadh

A' cleachdadh iasad de £4m a fhuair iad bho HIE, thathas airson raon-sgìthidh plastaig a thogail - rud a tha cuid air càineadh.

Thuirt Comann Gnìomhachais na h-Aghaidh Mòire nach eil iad ag aontachadh leis na planaichean.

Dh' iarr iad air Natural Retreats an t-seann lioft a bh' ann a chur air ais gu dol, gus am biodh a' bheinn freagarrach 'son cleachdadh uair eile.

Neo, dh' iarr iad gun rachadh leasachaidhean sa phàirt sin de sgìre a' Mhonaidh Ruaidh a dheànamh leis a' choimhearsnachd.

Tha coinneamh gu bhith air a cumail leis a' bhuidhinn ionadail an ath sheachdain gus beachdachadh air mar a racahdh an sgìre sgithidh a cheannach leis a' choimhearnschd.

Chaidh beachd iarraidh bho Natural Retreats air a' chùis Diciadain, ach chan eil iad air tilleadh thugainn fhathast.