Maill agus mì-chinnt mun Chromebook

Chromebooks

Thog comhairlichean air a' Ghàidhealtachd dragh gu bheil plana airson coimpiutairean Chromebook a thoirt do sgoilearan a' tuiteam air dheireadh a-rithist.

Fon sgeama, gheibh a h-uile àrd-sgoilear, agus clann air clas 6 's 7 sa bhun-sgoil, inneal Chromebook.

Dh'fhaodadh cuideachd gum bi am pròiseact nas daoire air a' cheann thall - le cho lag 's a tha an Not an aghaidh an Dollair.

"Tha sinn duilich gu bheil sin ann, ach air a' cheann thall, tha mise den bheachd gum bu chòir gum bi a h-uile càil ceart mus dèan iad dha na sgoiltean e," thuirt Cathraiche Comataidh nan Goireasan, an Comh. Alasdair MacFhionghain.

"Ma nì sinn ceart e, bidh e na bhuannachd dhan chloinn.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh na planaichean ro dhòchasach, agus feumaidh sinn a bhith a' coimhead ri neart a' bhainn-leathainn anns na sgoiltean.

"Feumaidh sin a bhith ceart mus tòisich sinn air a' phròiseact.

"Chan eil mi uabhasach cinnteach air cosgais a' phròiseict a tha seo. Bidh sinn a' coimhead air sin.

"Tha sinn air aithisg iarraidh airson sgioba a' bhuidseit againn. Tha sinn a' coinneachadh an ath-sheachdain, agus bidh an aithisg, tha mi an dòchas, againn.

"Chì sinn an uair sin dè na cosgaisean a tha gu bhith ann.

"Feumaidh sinn an t-airgead fhaighinn. Thug a' Chomhairle gealltanas gun dèanadh iad seo.

"Tha sinn a' coimhead ri Àrd-Sgoil Allt a' Mhuilinn agus Inbhir Pheofharain, agus tha mi a' smaoineachadh gur e Port Rìgh a th' ann, air a' bhliadhna seo.

"Ach chan eil fhios agam dè clàr-ama na Comhairle airson nan sgoiltean eile," thuirt e.