Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Houston

Bha dà spreadhadh aig ionad ceimigeach a tha fo thuil ann an Houston. Thuirt a' chompanaidh dham buin e gu bheil cion an dealain a' ciallachadh nach urrainn dhaibh smachd a chumail air stuthan ceimigeach cugallach. Tha còrr is 30 duine air am beatha a chall le buaidh na stoirme ann an Teagsas, agus tha eòlaichean a' cur na cosgais aig còrr is $200bn.

Theresa May

Tha cùl-bheingearan Tòraidheach a' cur teagamh ann am briathran Theresa May, a thuirt gu bheil làn-dùil aice a bhith na ceannard air a' phàrtaidh aig an ath-Thaghadh Choitcheann. Ged a tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Boris Johnson, am measg na tha a' cur an taic ris a' Bh-Ph. May, thuirt an t-seann Tòraidheach, am Morair Heseltine, gu bheil esan den bheachd nach eil àite aice os cionn a' phàrtaidh anns an ùine fhada.

Eaconamaidh na h-Alba

Canaidh am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an-diugh gum feum Alba a bhith nas misneachaile ann am brosnachadh na h-eaconamaidh. Tha Ms Sturgeon a' coinneachadh ri ceannardan gnothachais ann an Siorrachd Àir.

Pàigheadh

Tha an t-aonadh Unison a' cumail a-mach gum feum luchd-obrach na slàinte air a' Ghàidhealtachd bancaichean bìdhe a chleachdadh le droch bhuaidh casg air àrdachadh pàighidh anns an roinn phoblaich. Bha còrr is 50 ball de Unison a' togail fianais an-diugh anns an Aghaidh Mhòir, far a bheil coinneamh ath-sgrùdaidh bhliadhnail NHS na Gàidhealtachd, còmhla ri Ministear na Slàinte Poblaich, Aileen Chaimbeul. Tha an t-aonadh ag ràdh gu bheil an casg-pàighidh aig 1% a' ciallachadh gu bheil luach tuarastail luchd-obrach na slàinte air tuiteam mu 17% bho 2010.

LFASS

Ainmichidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte £42m an-diugh airson sgeama taic an àiteachais LFASS a chumail a' dol airson bliadhna eile fhad 's a tha còmhraidhean Bhrexit a' dol air adhart. Bha coltas ann gun sguireadh an sgeama an ath-bhliadhna, ach thèid a cumail a-niste gu 2019.

Sgoiltean Gàidhlig

Tha dà sgoil Ghàidhlig ùr am measg na th' ann am plana na Gàidhlig a tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ullachadh airson a chur gu Bòrd na Gàidhlig. Am measg nam molaidhean eile san treas plana cànain aca tha brosnachadh na Gàidhlig anns a' choimhearsnachd agus cothrom do thuilleadh cloinne air foghlam Gàidhlig.

An A828

Thuirt Bear Scotland nach bi rathad an A828 eadar an t-Òban agus Baile a' Chaolais dùinte cho fada 's a bha dùil air an ath-mhìos. Bha Bear am beachd an rathad a dhùnadh airson deich làithean airson tearradh. Ach bha dragh air luchd-gnothaich agus air muinntir an àite mun bhuaidh a bheireadh sin orrasan, agus cha bhi an obair a-niste ann ach airson sia làithean.