Atharrachadh air leasachadh an A828

Soidhne rathaid
Image caption Bha luchd-gnothachais air dragh a thogail mu bhuaidh na h-obrach.

Chur Ball-Pàrlamaid Albannach Earra-Ghàidheal fàilte air co-dhùnadh na companaidh BEAR Scotland an rathad eadar an t-Òban agus an Gearasdan a chumail fosgailte.

Bha planaichean ann an rathad a dhùnadh fad 10 là nas fhaide air adhart air a' mhìos.

Ach, thèid a dhùnadh airson ùine nas giorra a-nis.

Tha BEAR Scotland, a' chompanaidh a bhios a' leasachadh nan rathaidhean do Riaghaltas na h-Alba, air na planaichean aca son rathad an A828 eadar Baile a' Chaolais agus an t-Òban atharrachadh.

Bha iad am beachd an rathad a dhùnadh 'son 10 là airson teàrradh ach bha dragh air luchd-gnothachais agus muinntir an àite mun bhuaidh a bheireadh sin orra.

Tha BEAR Scotland a-nis ag ràdh, ge-tà, gun tèid obair-leasachaidh a dheànamh thairis air 6 là air an ath mhìos, agus gum fuirich an rathad fosgailte do charbadan fo shiostam conbhoidh.

Thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach Earra-Ghàidheal 's Bhòid, Mìchael Ruiseal, gum faodadh a' chompanaidh a bhith air dèiligeadh ris a' cho-choimhearlachadh phoblach aca na b'fheàrr, ach thuirt e gu bheil e a cur fàilte air a' cho-dhùnadh.