Leudachadh air seirbheisean adhair nan eilean

Bogh-uisge airson seirbheis Flybe
Image caption 'S i plèana Loganair a ràing Steòrnabhagh an toiseach aig 7.51m, naoi mionaidean nas tràithe na bha dùil. Chuir carbadan-smàlaidh fàilte oirre le bogha-uisge.

Thoisich linn ùr ann an còmhdhail nan Eilean Siar madainn Dihaoine agus Loganair a' ruith seirbhisean adhair air an ceann fhèin airson a' chiad uair ann am bliadhnachan.

Aig a' cheart àm thòisich Flybe compàirteachas ùr le Eastern Airways agus leanaidh iadsan orra a' sgèith eadar Steòrnabhagh agus Glaschu.

Tha Loganair air a bhith an sàs ann an seirbhisean adhair eadar tìr mòr agus na h-eileanan air an taobh siar agus mu thuath airson còrr agus 50 bliadhna.

Tha faisg air 25 bliadhna bho bha iad a' ruith sheirbheis gun taic bho chompanaidh adhair nas motha.

Farpais

Bho 2008 bha iad ag obair ann an compàirteachas le Flybe.

Ach dh'innis an dà chompanaidh an-uiridh gu robh an compàirteachas sin a' tighinn gu ceann.

Roghnaich Loganair seirbheisean gu na h-eileanan a ruith iad fhèin gun companaidh eile a bhith na luib.

San Ògmhios, ge-ta, dh'innis Flybe gu robh iadsan air a dhol ann am compàirteachas le Eastern Airways airson seirbheisean a ruith air cuid dha na slighean as trainge.

Bidh iad a' ruith sheirbheisean eadar Steòrnabhagh agus Glaschu agus eadar Arcaibh agus Obar Dheathain.

Bidh seirbheisean aca cuideachd eadar Sealtainn agus Dùn Èideann, Obar Dheathain agus Glaschu.

"Briseadh dùil"

Thuirt Loganair aig an àm gu robh an gluasad seo na bhriseadh dùil ach gu robh iad "deiseil 'son sabaid".

Tha Loganair cuideachd a' cur às leth Flybe gu bheil prìsean falaichte air na tiocaidean aca agus gu bheil iad gu math tric nas daoire air a' cheann thall.

Image caption Chuir carbadan-smàlaidh ann an Steòrnabhagh fàilte air seirbheis Flybe le bogha-uisge cuideachd. Bha ise 16 mionaidean air dheireadh 's i a' ruighinn aig 8.06m.

Ach tha Flybe ag ràdh gu bheil prìs nam faraidhean gu na h-eileanan air tuiteam bho chaidh iad dhan mhargaidh agus gu bheil e mar amas aca seirbheisean farpaiseach a chur air dòigh.

San ùine ghoirid chaidh fàilte a chur air a' cho-fharpais eadar Flybe is Loganair leis gun d'thàinig prìsean a-nuas.

Ach tha dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an fharpais air na seirbheisean eileanach eile a tha Loganair a' frithealadh leotha fhèin.

Dragh

Tha Cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, am measg na tha air ceist a thogail.

"Tha e math ann an aon dòigh, ach draghail ann an dòigh eile.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil comas farpais. Bidh e gle mhath, ach a bheil gu leòr ann a chuireas feum air na seirbheisean?

Image caption Bha coltas trang air na seirbheisean air a' chiad latha agus seòmar-feitheimh Phort-adhair Steòrnabhaigh làn nuair a bha na ciad seirbheisean a' fàgail madainn Dihaoine.

"Nam b'urrainn dhuinn a bhith cinnteach gu robh sinn a' reic na bhios de dh'àitichean air na h-itealain a' dol air adhart bhiodh sin math dhan eaconamaidh againn.

"Tha dragh ann mu de a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann san fharsaingeachd air na seirbheisean eile a tha Loganair a' toirt seachad, a thaobh an t-seirbheis a bh' aca à Steòrnabhagh a Ghlaschu b' i an t-seirbheis a bu làidire a bh' aca agus bha i a' toirt taic dha na seirbheisean eile.

"Tha an dragh sin ann, agus tha mi a' cluinntinn agus a' faighinn gu leòr co-cheangailte ris a' chuspair sin fhèin," thuirt Mgr Robasdan.