Gainnead àrd-rèidio-eòlaichean an Inbhir Nis

Rèidio-eòlaichean Image copyright Science Photo Library

Sgrìobh dotairean aig prìomh ospadal na Gàidhealtachd gu bòrd slàinte na sgìre a thogail air an dragh a th' orra mu ghainnead àrd-luchd-obrach ann an roinn rèidio-eòlais an ospadail.

Tha e air faileachdainn air Òspadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis trì dreuchdan àrd-dhotairean a lìonadh.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheileas a' lorg fuasgladh, ach gu bheil an t-seirbheis a thathas a' tabhann an-dràsta sàbhailte.

Anns an litir gu NHS na Gàidhealtachd tha àrd-dhotairean agus dotairean a' togail dhragh mu shàbhailteachd às dèidh mar a dh'fhàg triùir àrd-dhotairean - dithis thar na sia mìosan mu dheireadh.

Tha duilgheadas ann le a bhith a' fastadh rèidio-eòlaichean air feadh na dùthcha air fad.

Fàiligeadh

Le gun ach aon à sia dreuchdan air an lìonadh, tha Colaisde Rìoghail nan Rèidio-eòlaichean air rabhadh a thoirt gu bheil an t-seirbheis an ìmpis tuiteam às a cheile uile gu lèir.

"Ma tha gainnead rèidio-eòlaichean againn agus ma tha an siostam a tha sin a' fàiligeadh, tha eagal orm gu bheil an t-seirbheis air fad a' fàiligeadh," thuirt an Dr Grant Baxter bhon cholaiste.

Thuirt bòrd NHS na Gàidhealtachd gu robh oidhirpean gan dèanamh feuchainn ri cuir ris an àireamh luchd-obrach agus iad a' coireachadh iarrtais a bharrachd a thuilleadh air gainnead luchd-obrach.

Thuirt aon de stiùirichean-meidigeach an Rathaig Mhòir, an Dr Ken Dòmhnallach gur e th' air cùl na trioblaid nach eil an àireamh de rèidio-eòlaichean a thathar a' trèanadh air èirigh a rèir an iarrtais a th' ann airson na seirbheis.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu robh ceumanan gan gabhail dèiligeadh ris an t-suidheachadh agus nach robh daoine a' call cothrom rèidio-eòlaiche fhaicinn.