Pàirce spòrs Dhùn Bheagain ga deasbad
- Published
Beachdaichidh Comataidh Dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd Dimàirt air plana airson pàirce spòrs ùr ann an Dùn Bheagan san Eilean Sgitheanach.
'S iad Comann Spòrs Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich a tha a' moladh nam planaichean.
Thathar cuideachd dòchasach gun tèid a' Chomhairle air adhart le plana bun-sgoil ùr a thogail ri taobh làraich an raon-cluiche.
Tha a' bhuidheann air sealbh fhaighinn air pìos talmhainn air cùlaibh stèisean smàlaidh Dhùn Bheagain far a bheil iad an dòchas an raon-cluiche ùr a thogail.
"Tha sinn air a bhith ag obair air a seo airson 6 no 7 a bhliadhnaichean," thuirt Co-chathraiche a' Chomainn, Alasdair MacIlleathain.
"Tha sinn a' faighinn an talamh a tha seo an-asgaidh agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn cead raon-spòrs a thogail airson 's gum bi aite ann do dhaoine ball-coise agus iomain a chluich.
"Ma thèid leinn, feumaidh sinn an uairsin airgead a chruinneachadh agus tha sinn an dòchas cnap mòr dhen airgead fhaighinn bhon ionmhas a th'air a thogail bho na cruinn-gaoithe faisg air làimh agus bho Roinn na Gàidhealtachd 's Sport Scotland.
"Tha sinn den bheachd gun cosg e mu £500,000," thuirt e.