Trioblaidean parcaidh san Eilean Sgitheanach

Dh'fhaodadh raon-parcaidh, anns nach fhaodar fuireach ach ùine ghoirid, a bhith air fàire anns an Ath Leathann.

Dh'aontaich Comataidh Ratharsair agus an Eilein Sgitheanaich atharrachadh a thoirt air na riaghailtean parcaidh aig an dà raon ann am Port Rìgh far nach fhaodar càraichean fhàgail ach airson ùine ghoirid - a' fàgail gun cosg e £1 airson suas ri uair de thìde agus £2 airson dà uair de thìde.

Thèid co-chomhairle a chumail le luchd-còmhnaidh agus gnìomhachasan anns an Ath Leathann mu bhith a' stèidheachadh raon-parcaidh anns am faodar càraichean fhàgail airson suas ri dà uair de thìde.

Bhiodh a' chiad leth-uair de thìde dheth sin an-asgaidh.

Thuirt Cathraiche na Comataidh, an Comh. Iain Gòrdan, gu bheil iad gu math mothachail air na trioblaidean parcaidh ann am Port Rìgh agus anns an Ath Leathann, agus daoine anns an eilean air seo a thogail leotha.

Thuirt e cuideachd gu bheil oifigear-parcaidh làn-ùine a-nis stèidhichte anns an eilean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile