Cead do phàirce spòrs ùir Dhùn Bheagain

  • Air fhoillseachadh
Balla iomain

Ghabh Comataidh Dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd ri plana airson pàirce spòrs ùr ann an Dùn Bheagan san Eilean Sgitheanach.

'S iad Comann Spòrs Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich a tha airson a' phàirce a thogail.

Chaidh beachdachadh air a phlana aig coinneimh den chomataidh dhealbhachaidh an Inbhir Nis Dimàirt agus chaidh aontachadh ris.

Thathar cuideachd dòchasach gun tèid a' Chomhairle air adhart le plana bun-sgoil ùr a thogail le goireasan spòrs ri taobh làrach an raoin-chluiche.

Tha a' bhuidheann air sealbh fhaighinn air pìos talmhainn air cùlaibh stèisean smàlaidh Dhùn Bheagain far a bheil iad an dòchas an raon-cluiche ùr a thogail.

'S e an ath-cheum airgead a thogail airson na pròiseict agus tha an Comann an dòchas taic fhaighinn bhon mhaoin choimhearsnachd a tha a' tighinn bho thuath-ghaoithe na sgìre.

Thuirt iad gu bheil iad an dùil gun cosg a' phàirce mu £500,000.