Oidhirp a' Bhaile Ùir air fàilligeadh

Cupa na Camanachd

Thàinig e am bàrr gun do dh'fhailich le beachd a bh' aig Baile Ùr an t-Slèibh geama lìge a chluiche meadhan na seachdain ro chuairt dheireannach Chupa na Camanachd.

B' e oidhirp a bha seo fear dìon a' Bhaile Ùir, Steafan Dòmhnallach, fhaighinn anns an sgioba airson cuairt dheireannach Chupa na Camanachd an aghaidh Lòbhait aig deireadh na mìos.

Fhuair an Dòmhnallach - cluicheadair nàiseanta na bliadhna an-uiridh - cairt bhuidhe sa gheama an aghaidh Cheann Loch Seile sa Phrìomh Lìog Disathairne.

Le cairtean a fhuair e mar-thà, bha a' chairt sin a' ciallachadh gu bheil casg dà gheama air an Dòmhnallach, a' tòiseachadh às dèidh a' gheama aca an aghaidh Chaol Bhòid ann an Taigh na Bruaich Disathairne.

Tha sin a' fàgail nach bi e ri fhaighinn 'son geama lìge an aghaidh Chill Mhàillidh, agus airson a' gheama mhòir ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd seachdain às dèidh sin.

Iarrtas

Bha am Baile Ùr airson gun rachadh geama lìge an aghaidh Loch Abair - a tha gu bhith ann an ath-mhìos - a ghluasad air ais gu meadhan na seachdain eadar seo is a' chuairt dheireannach.

Nam biodh iad air cead fhaighinn, bhiodh an Dòmhallach air a chasg airson a' gheama sin is bhiodh e air ais anns an sgioba anns a' chuairt dheireannaich.

Thathas a' tuigsinn gun do dh'innis Comann na Camanachd dhan Bhaile Ùr nach soirbhicheadh iarrtas den leithid.

Tha Ruairidh Ceannadach fhathast a dhìth air a' Bhaile Ùr an-dràsta, is le casg air Steafan Dòmhnallach cuideachd, bidh ceistean ann mun loidhne dìon aca airson na cuairte deireannaich.

Bidh an sgioba a-nise ag amas air tighinn tro na geamaichean le Caol Bhòid is Cill Mhàillidh gun duine eile a chall.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile