Grunn adhbharan air cùlaibh tubaist bhàt'-aiseig
- Published
Fhuair rannsachadh gun robh grunn adhbharan air cùlaibh tubaist bhàt'-aiseig an MV Hebrides.
Chaidh damaiste a dhèanamh air a' bhàta aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn aig Loch nam Madadh san t-Sultain an-uiridh.
A rèir rannsachaidh an MAIB, chaidh pìos ùr a chur dhan bhàt-aiseig sia mìosan na bu tràithe.
Fhuair luchd-rannsachaidh nach robh bileag-fiosrachaidh an cois a' phàirt ùir, nuair a chaidh a chur an sàs.
Bha seo a' fàgail nach robh fhios aig innleadairean gun robh glaodh a dhìth airson a' phàirt a chur a-steach mar a bu chòir.
Dè chaidh ceàrr?
Ach fhuair an rannsachadh cuideachd gun robh tròimhe-chèile leis an sgiobair an dèidh na thachair, agus gun robh droch chonaltradh eadar drochaid an t-soithich, agus ionad-stiùiridh an einnsein.
Thuirt an MAIB gun do chaill an sgiobair smachd air fear de na proipeilearan leis gun robh scriubha air grèim a chall eadar motar agus troma a' phroipeileir chlì ri linn agus nach deach glaodh a chur air a scriubha nuair a chaidh a cur an sàs.
Cha robh treòireachadh sam bith aig CalMac bho Rolls Royce a rinn einnsean an t-soithich air ciamar a bu chòir am pìos a chumail ceart, ged a bha Rolls Royce ag ràdh gun robh an treòireachadh sin ri fhaighinn.
Molaidhean
Thuirt CalMac gun deach ceumanan a ghabhail gus tubaist eile mar seo a' sheachnadh.
Bho thachair an tubaist, tha CalMac air sùil às ùr a thoirt air cho luath 's a tha bàtaichean a' tighinn a-steach gu caladh.
Tha iad cuideachd air barrachd treànaidh a thoirt seachad airson dèiligeadh ri duilgheadasan le proipeilearan nam bàtaichean, agus uidheaman rabhaidh a chur air na proipeilearan a dh'innseas dhan sgiobair gu bheil rudeigin ceàrr.
Chaidh moladh do Rolls-Royce Marine, a thug seachad an uidheamachd a bha ri chur air bòrd an MV Hebrides, gum feum bileagan-fiosrachaidh a bhith ri fhaotainn do dh'innleadairean.
Thuirt an MAIB cuideachd gum bu chòir do ChalMac a bhith cinnteach gu bheil na bileagan a tha a dhìth air na h-innleadairean aca.
Chaidh obair-càraidh a dhèanamh air an t-soitheach, agus bha i a-mach à seirbheis grunn sheachdainean.
Cha deach duine den 76 a bha air bòrd a' bhàt'-aiseig a ghoirteachadh san tubaist.