Nursaichean ri còcaireachd am Port Rìgh

Ospadal Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Tha nursaichean ag ullachadh bìdh do dh'euslaintich aig Ospadal Phort Rìgh, agus luchd-obrach cidsin air an gluasad rè ùine às an ionad gu Ospadal an Ath Leathainn.

Chan e seo a' chiad naidheachd mu Ospadal Phort Rìgh a th' air dragh a chur air muinntir na sgìre an t-seachdain seo.

Cha robh seirbheis dhotair taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ri fhaotainn ann oidhche Mhàirt no oidhche Chiadain.

Thathas a' tuigsinn gu bheil cùisean gus tilleadh chun na h-àbhaist a-nochd ge-tà.

Thuirt a' bhuidheann iomairt ionadail NHS SOS, gu bheil e "a' faireachdainn coltach" gu bheil seirbheisean aig an ospadal gan crìonadh a dh'aona-ghnothach.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson luchd-obrach fhastadh agus a chumail.

Tha e a-niste air tighinn am bàrr ge-tà, gu bheil luchd-obrach cidsin an ospadail air an gluasad rè ùine gu Ospadal an Ath Leathainn, 's gu bheil nursaichean a-niste ag ullachadh 's a' frithealadh bìdh do dh'euslaintich ann am Port Rìgh.

"Tha fìor dhuilgheadas againn le cion luchd-obrach eadar an dà ospadal, gnothaichean còcaireachd nam measg," thuirt NHS na Gàidhealtachd.

"Mar thoradh air seo, thàinig oirnn luchd-obrach a ghluasad rè ùine gus gnothaichean bìdhe a làimhseachadh aig Ospadal an Ath Leathainn, seach gu bheil barrachd euslainteach againn an sin, agus leis an àireimh bhig de dh'euslaintich a th' againn ann am Port Rìgh, dh'iarradh air na nursaichean cuideachadh.

"Dh'aontaich na nursaichean a' chòcaireachd a dhèanamh leis gu bheil cho beag de dh'euslaintich ann, agus nach e còcaireachd shlàn a th' ann, ach dìreach teasachadh agus frithealadh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo