Beachdan gan sireadh bho Ghàidheil Ghlaschu

  • Air fhoillseachadh

Tha an Lòchran a' rannsachadh dè lùigeadh daoine fhaicinn ann an ionad Gàidhlig Ghlaschu.

Tha Bòrd na Gàidhlig a' gluasad a-mach às An Lèanag, agus tha cothrom ann na seòmraichean sin a chur gu feum le buidhnean eile.

Tha Catriona Nic a' Phì bho Bhòrd-stiùiridh an Lòchrain ag ràdh gun gabhadh an cleachdadh airson diofar rudan.

"Chan eil iad mòr, mòr idir ach dh'fhaodadh tachartasan beaga tachairt annta - dh'fhaodadh iad a bhith fosgailte airson can pàrant 's pàiste - dh'fhaodadh iad a bhith fosgailte airson daoine a tha ag ionnsachadh chànan - tha iomadh cothrom ann an seo."

Tha iad a' sireadh bheachdan an dà chuid bho bhuidhnean agus daoine fa-leth.

"Dè bu mhiann leotha-san fhaicinn anns An Lòchran?"

Faodar na ceisteachain a lìonadh air duileag Facebook An Lòchrain neo air làrach-lìn na buidhne, agus feumaidh beachdan a bhith a-staigh aca ro Dhiluain, an 18mh là den t-Sultain.