Chan fhosgail An Lanntair air an t-Sàbaid
- Air fhoillseachadh

Thuirt An Lanntair ann an Steòrnabhagh nach eil iad ann an suidheachadh an-dràsta fosgladh Là na Sàbaid.
Dh'innis iad gun do dh'iarr iad beachdan am ballrachd air am bu choir dhaibh fosgladh seachd là san t-seachdain.
Thuirt iad gun robh taic mhòr ann.
Dh'fhaighich iad an uairsin an robh a' bhallrachd airson sgeama poidhleat fheuchainn tro mhìosan a' gheamhraidh.
Thuirt iad gun robh mòr-chuid shoilleir de dhaoine air a shon.
Dh'aontaich coinneamh de bhòrd-stiùirdh an Lanntair an t-seachdain seo gun coimhead iad air dòighean anns am b'urrainn dhaibh sgeama poileat a thaobh fosgladh air an t-Sàbaid a dhèanamh uaireigin san àm ri teachd.
Thuirt iad, ge-tà, nach robh e comasach sgeama poidhleat a chur air adhart an-dràsta air sgath adhbharan obrachaidh.