Teine ann an Inbhir Nis

Published

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu teine aig taigh ann an Inbhir Nis tràth sa mhadainn Dihaoine.

Fhuair iad gairm èiginn mun teine air Rathad Bhruach an Eilein sa bhaile mu 1.55m.

Chaidh ceithir carbadan smàlaidh chun na làraich.

Fhuair iad smachd air an teine, ach chaidh an taigh a sgrios.

Chan eil fios aig an ìre seo an deach duine a ghoirteachadh, is tha luchd-smàlaidh fhathast aig an làraich.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh