Sgioba L&H an Cupa Football Times

Sgioba L&H
Image caption Sgioba L&H a' deasachadh airson a' gheama.

Bidh sgioba ball-coise Leòdhais 's na Hearadh air ais air Tìr Mòr Disathairne agus iad a' cluich sa chiad chuairt de Chupa Football Times.

Nan aghaidh ann an Inbhir Pheofharain bidh sgioba Elgin City Fo Aois 20.

Tha sgioba Leòdhais 's na Hearadh air a bhith an ìre mhath soirbheachail anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, is iad air Cupa Chailleanach a Chinn a Tuath agus Cupa Sheoc MhicAoidh a bhuannachadh.

Thuirt manaidsear na sgioba, Caoimhin MacAnndrais, nach aithne dhaibh cus mu sgioba òg Eilginn, ach gu bheil dùil aige gum bi iad fut is làidir.

Tòisichidh an geama aig Acadamaidh Ball Coise na Gàidhealtachd Disathairne aig 12.30f.

Tha sguad Leòdhais is na Hearadh mar a leanas;

Jack MacIllinnein (United)

Seumas MacLeòid (Na Lochan)

DI MacIllinnein (Càrlabhagh)

Dòmhnall MacAoidh (Càrlabhagh)

Elliot Ruddal (An Rubha)

Gòrdan Caimbeul (An Taobh Siar)

Peadar 'Pedro' MacCoinnich (Na Lochan)

Dan Crossley (Càrlabhagh)

Mìcheal Mac a' Ghobhainn (Nis)

Innes Iain Moireasdan (An Taobh Siar)

Anndra Moireasdan (An Rubha)

Anndra Moireach (An Rubha)

Aonghas Grannd (Càrlabhagh)

Seumas 'Titch' Moireasdan (Nis)

Neil Moireasdan (Nis)

Friseal MacLeòid (Càrlabhagh)