Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Lunnainn

Tha oifigearan poilis a tha a' rannsachadh spreadhadh air trèana fo-thalamh aig Stèisean Parson's Green air taobh an iar Lunnainn, ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh ris mar cheannairc. Tha dealbh air na meadhanan sòisealta a' sealltainn bucaid gheal na teine am broinn phoca plastaig. Chan eil coltas, anns an dealbh, gun deach milleadh mòr a dhèanamh air an trèana ge-tà. Thuirt luchd-fianais gun deach daoine a ghoirteachadh mun aodann. Chaidh stad a chur air seirbheisean air an District Line fhad 's a tha an rannsachadh a' dol.

Coirea a Tuath

Tha Coirea a Tuath a' faighinn a càineadh gu h-eadar-nàiseanta agus iad air urchar a losgadh tron oidhche os cionn eilean Hokkaido ann an ceann a tuath Iapan. Thuirt Coirea a Deas gun do shiubhail i 2,300 mìle - na b' àirde agus na b' fhaide nan tè a loisg iad bho chionn beagan sheachdainnean. Tha NATO air iarraidh gun tig dùthchannan an t-saoghail còmhla gus dèiligeadh ris a' ghnothach.

Teine

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu teine aig taigh ann an Inbhir Nis tràth sa mhadainn an-diugh. Fhuair iad gairm èiginn mun teine air Rathad Bruach nan Eilean sa bhaile mu 01.55m. Chaidh ceithir carbadan smàlaidh chun na làraich. Fhuair iad smachd air an teine, ach chaidh an taigh a sgrios. Chan eil fios aig an ìre seo an deach duine a ghoirteachadh, is tha luchd-smàlaidh fhathast aig an làraich.

Lib Deamaich

Thuirt Ceannard nan Lib Deamach, Sir Vince Cable, gu bheil e gu tur an aghaidh dàrna referendum mu neo-eisimeileachd na h-Alba, agus e ag ràdh gu bheil leithid de bhòt gun fheum agus nach eil iarrtas ann air a son. Rinn e càineadh làidir cuideachd air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mun bhuaidh a dh'fhaodadh Brexit a thoirt air Alba, agus e ag ràdh gum bu chòir spèis a thoirt do dhraghan na dùthcha. Bha Sir Vince a' bruidhinn agus co-labhairt nàiseanta a' phàrtaidh a' tòiseachdainn ann am Bournemouth air an deireadh-sheachdain seo.

An Lanntair

Chan eil An Lanntair ann an Steòrnabhagh ann an suidheachadh an-dràsta gus fosgladh air an t-Sàbaid air sàilleabh adhbharan obrach. Chaidh co-chomhairle a dhèanamh air a' ghnothach, agus nochd sin taic gu leòr airson gum bi e fosgailte seachd làithean san t-seachdain. Choinnich bòrd-stiùiridh An Lanntair an t-seachdain seo, agus thuirt iad ged nach robh e comasachadh dhaibh a dhèanamh an-dràsta, dh'aontaich iad gun coimhead iad air dòighean anns am b' urrainnear sgeama pìleat fheuchainn san ùine a tha romhainn.