Sgeama paircidh an asgaidh
- Air fhoillseachadh
Ghabh Comhairle na Gàidhealtachd ri sgeama a leigeas le daoine parcadh an asgaidh airson cairteal na h-uarach ann am meadhan a' bhaile.
Mairidh an sgeama bliadhna, agus bheir e cothrom do dhràibhearan leum a-steach gu bùithean 's eile gu sgiobalta.
Chaidh an sgeama fheuchainn roimhe ann am Peairt, far an deach co-dhùnadh a chumail a' dol às dèidh mar a shoirbhich le sgeama-dearbhaidh.
Tha dòchas ann gun tarraing seo barrachd dhaoine a-steach gu meadhan a' bhaile.
Tòisichidh an sgeama taobh a-staigh beagan sheachdainnean - cho luath 's a thèid na h-innealan paircidh atharrachadh.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh