Sàbhailteachd an NC500

Earrann den NC500 Image copyright Thinkstock
Image caption Tha an NC500 a' tàladh nam mìltean de dhaoine gu tuath

Tha comandair poilis a' chinn a tuath ag ràdh gu bheil ro-innleachd sàbhailteachd ùr a dhìth air sgàth 's na tha de dhaoine a' siubhal dhan sgìre a' gabhail na slighe an North Coast 500.

Thuirt an t-Àrd Shuperintendent Seòras Dòmhnallach gu bheil na tha de thrafaic air pìosan dhen t-slighe air còrr air dùblachadh.

Ged a tha fàilte ga cur air buannachdan eaconomach na slighe, tha dragh ann cuideachd mu àireamhan mòra de luchd-turais a' siubhal air rathaidean singilte.

Fhuair sgrùdadh a rinn Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean as t-samhradh gur ann ann am bhanaichean-campachaidh a bha a' chuid bu motha dhen fheadhainn a bha a' gabhail na slighe a' fuireach.

Thuirt an t-Àrd-Shuperintendent gu bheil iad ag obair air ro-innleachd sàbhailteachd ùr airson rathaidean na Gàidhealtachd - 's e an dòchas gum bi e deiseil aca air thoiseach air seusan turasachd na h-ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile