An Dr. Seòras MacLeòid

Chaochail fear a bha uair na àrd-oifigear air Comhairle nan Eilean Siar, an Dotair Seòras MacLeòid.

Bha e cliùiteach mar einnseanair, agus e gu mor sàs anns ann an dealbhachadh phroiseactan mòra, leithid cabhsairean agus calachan, air feadh nan Eilean Siar.

Bha e na àrd-stiùiriche air Comhairle nan Eilean Siar eadar 1986 is 1992.

Dh'fhàg e a dhreuchd às dèidh dhan chomhairle £24m a chall nuair a chaidh am banca BCCI fodha ann an 1991.

Thuirt fear-gairm na comhairle, Tormod Dòmhnallach, gun robh urram mòr aig daoine dha Seòras MacLeòid is gun tug e seirbheis dhan choimhearsnachd ann an diofar dhòighean thar grunn bhliadhnaichean.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil smuaintean is ùrnaidhean na comhairle le banntrach Sheòrais MhicLeòid, Màiri, is a cuid chloinne, Christine is Iain, is a chairdean gu leìr.

Bha An Dr. Seòras MacLeòid 74.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile