Luaidh ga dhèanamh air an Dr Seòras MacLeòid
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Chaochail an Dr Seòras MacLeòid

15 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaochail an Dr Seòras MacLeòid, a bha uaireigin na stiùiriche einnseanaireachd agus na àrd-oifigear air Comhairle nan Eilean.

Bha e trì fichead bliadhna sa ceithir deug.

Bha e na àrd-oifigear aig àm a bha gu math duilich dhan chomhairle 's iad a' call £24m ri linn a' bhanca BCCI a bhith a' dol fodha.

Ach 's e an dìleab a dh'fhàg e a thaobh rathaidean is seirbheisean còmhdhail nan Eilean Siar as motha air am bi cuimhne.

Seo Aonghas Dòmhnullach.