Leòdhas is na Hearadh troimhe

Leòdhas is na Hearadh
Image caption Sgioba Leòdhais 's na Hearadh ag ullachadh airson a' gheama.

Tha sgioba ball-coise Leòdhais 's na Hearadh troimhe dhan ath-chuairt de Chupa Football Times.

Bha na h-eileanaich cus ro mhath do dh'Elgin City Fo Aois 20 is iad a' buannachadh 4-0 air a' cheann thall.

Chuir Aonghas Grannd agus Innes Iain Moireasdan ri chèile dà thadhal aig Acadamaidh Ball Coise na Gàidhealtachd.

Anns na geamaichean eile sa chiad chuairt de Chupa Football Times Disathairne, rinn Inverness Athletic a' chùis 4-2 air Halkirk United is shoirbhich St.Duthus 2-0 an aghaidh Nairn County Fo Aois 20.

Bidh Leòdhas 's na Hearadh an aghaidh Ghoillspidh san chairteal chuairt dheireannaich.

Chaill Goillspidh 7-1 ri Arcaibh ann an geama lìge Disathairne.