Caol Bhòid air bàrr na lìge

Ball

Thàinig car eile san rèis aig mullach na Prìomh Lìge san iomain is Caol Bhòid a' tilleadh dhan mhullach.

Às dèidh call 2-1 ri Lòbhat is le Ruairidh Dòmhnallach air a chasg, bha fios aig sgioba Thaigh na Bruaich nach b'urrainn dhaibh dad a leigeil às an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh ann an geama a chaidh a ghluasad dhan Òban.

Cha robh ach aon tadhal sa gheama is b' e Sandaidh MacCoinnich a fhuair e goirid ro lethach slighe.

Ged a bha cothroman aig a' Bhaile Ùr, cha deach aca air am ball a chur dhan lìon is chrìochnaich an geama 1-0 dha Caol Bhòid.

Tha sin a' ciallachadh gu h-oifigeil gu bheil am Baile Ùr air grèim a chall air a' Phrìomh Lìog.

Thàinig an tuilleadh dheagh naidheachd dha Caol Bhòid à Cill Taraglain.

'S ann a sin a bha an geama eadar Ceann Loch Seile is Gleann Urchadain is pàirce Sheile na boglach.

Cha mhòr nach robh an Gleann aig an taigh, is chuir fear a bha uair a' cluich air a' phàirc seo 'son Lòbhait, Seumas Mac a' Phearsain, air thoiseach iad le dà thadhal tràth (11, 14).

Fhuair Cè MacRath tadhal air ais do Cheann Loch Seile, is tràth san darna leth chuir Jordan Friseal iad co-ionnan le slaic peanais.

Bha cothroman aig Seile an geama a bhuannachadh ach chrìochnaich e 2-2.

Làmh an uachdair

Tha seo a' fàgail Chaol Bhòid is Ceann Loch Seile co-ionnan air 26 puingean ach Caol Bhòid 5 tadhail nas fhearr dheth.

Coinnichidh na sgiobaidhean sa Chlachan Aillseach Disathairne.

Rinn a' phuing ann an Cill Taraglain feum dha Gleann Urchadain is iad a-nise trì puingean os cionn Chill Mhàillidh.

Tha seusan sgioba a' Ghlinne a-nise deiseil is feumaidh iad feitheamh is a bhith an dòchas nach fhaigh na sgiobaidhean fodhpa puingean gu leòr 'son sreap os on cionn.

Tha GMA am measg nan sgiobaidhean sin is coltas dubhach air cùisean dhaibhsan is iad air call 3-2 aig an taigh ri Lòbhat Disathairne.

Bha na Sgitheanaich mar-thà air an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh is fhuair iad an cupa Disathairne.

Chomharraich iad an là ann an stoidhle le buaidh 3-0 an aghaidh Inbhir Aora.

Sa gheama mhòr eile Disathairne, thog Lochside Rovers Cupa an t-Sutharlanaich an aghaidh Cheann a' Ghiuthsaich.

Chuir Craig MacDhùghaill, Lewis Bochanan is Ruairidh Horn na tadhail dha sgioba an Òbain, is Caomhin Thain a' freagairt dha Ceann a' Ghiuthsaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile