Corp air a lorg às dèidh teine an Inbhir Nis
- Published
Dhearbh Poilis Alba gun deach corp boireannaich a lorg ann an taigh ann an Inbhir Nis a chaidh a sgrios ann an teine.
Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu teine aig taigh air Rathad Bruach nan Eilean sa bhaile mu 1.55m Dihaoine.
Fhuair oifigearan a-steach dhan taigh Didòmhnaich, is chaidh corp boireannaich a lorg ann.
Cha deach am boireannach ainmeachadh fhathast, ach dh'innis na poilis gu bheil iad a' cumail fios ri teaghlach a' bhoireannaich a bha a' fuireach san taigh, Mairead NicArtair, 71.
Thuirt na poilis nach eil coltas ann gu bheil dad amharasach mun chùis.
Thèid aithisg a chur gu neach-casaid a' Chrùin.