Banca sa Chananaich ga dhùnadh
- Air fhoillseachadh

Tha grunn bhancaichean air dùnadh ann an sgìrean iomallach air a' Ghàidhealtachd
Cha bhi banca sam bith air fhàgail anns an Eilean Dubh, 's Banca na h-Alba a' dùnadh Diluain.
Tha am banca am measg seachd a tha Banca na h-Alba a' dùnadh ann am bailtean na Gàidhealtachd thairis air an ath dhà mhìos.
Tha Banca Rìoghail na h-Alba agus Banca Dhail Chluaidh cuideachd air cuid de na bancaichean aca a chur bhuapa.
Tha Banca na h-Alba ag ràdh gu bheil na dòighean anns am bi daoine a' làimhseachadh an cuid airgid air atharrachadh - 's barrachd dhaoine a' roghnachadh na gnothaichean ionmhais aca a chur air dòigh air-loidhne.
Ged a dhùineas inneal-airgid a' bhanca cuideachd, bidh co-dhiù aon inneal-airgid air fhàgail sa bhaile 's sin air a ruith le companaidh phrìobhaidich.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh