Eacarsaich mhòr chogaidh air tòiseachadh

Thòisich eacarsaich mhòr chogaidh an t-seachdain seo aig Raon nan Rocaidean ann am Beinn nam Fadhla.

Mairidh an eacarsaich fad mìos, agus i mar pàirt de rud a bhios a' tachairt dà thuras a h-uile bliadhna fon ainm Exercise Joint Warrior, anns am bi feachdan bho dhiofar dhùthchannan an sàs.

Bidh an eacarsaich a' cur màill air siostam rèidio nan iasgairean agus bidh aca ri fuireach air falbh bho sgìre mhara an iar air Beinn nam Fadhla, agus cumail air falbh bho na soithichean-cogaidh, fhad 's a tha i a' gabhail àite.

Thuirt Sìne Urchadan, a bha roimhe na BPA, ged a tha i ag aithneachadh gu bheil eacarsaichean cogaidh mar seo riatanach, gun robh i a' ceasnachadh an e dha-rìribh iar-thuath na h-Alba an t-àite as fheàrr air an son.