Cuairt Ghàidhlig timcheall taisbeanaidh

Published
image copyrightAnsaharju
image captionBha connspaid ann mu cho beag àite 's a chaidh a thoirt dhan Ghàidhlig anns an taisbeanadh

Thèid cuairt Ghàidhlig a chumail timcheall taisbeanadh nan Seumasach aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an ath-mhios.

Tha seo a' tighinn às dèidh connspaid mu cho beag Gàidhlig 's a bh' anns an taisbeanadh - Am Prionnsa Teàrlach agus na Seumasaich.

Chruinnich còrr 's 40 duine air beulaibh an taigh-tasgaidh san Òg-mhìos, a thogail fianais mun chùis.

'S e an t-Oll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a bhios a' stiùireadh na cuairt, 's esan ga fhaicinn cudromach gum bi àite ga thoirt dhan Ghàidhlig an lùib an taisbeanaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil còir againn fhìn gum bi an sgeulachd againn fhìn agus gu dearbh sgeulachd na h-Alba air fad air a h-innse tro mheadhan na Gàidhlig.

"Air an làimh eile, 's cinnteach, o chionn 's gur e dùthaich dhà-chànanach co-dhiù a th' ann an Alba, gum bi a' Ghàidhlig fhèin faicsinneach air ballachan taisbeanadh den leithid".

Bidh a' chuairt Ghàidhlig ann air Disathairne, an 21mh là den Dàmhair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh