Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannairc

Tha poilis a' dèanamh sgrùdaidh mhionaidich ann an taigh ann an Surrey far a bheilear a' tuigsinn a bha dithis fhireannach a bha fo amharas gun robh iad an sàs ann an ionnsaigh bhoma ann an Lunnainn Dihaoine a' fuireach. Tha an dithis fhireannach fhathast an grèim, agus tha oifigearan air a bhith a' sgrùdadh taigh-bìdhe agus dachaigh eile.

Boris Johnson

Tha luchd-poileataigs aig àrd-ìre san iomairt Breatainn a thoirt a-mach às an EU air taic a thoirt dha Boris Johnson sa bhuaireadh mu chosgaisean ballrachd an Aonaidh. Chàin Ùghdarras Staitistig na Rìoghachd Aonaichte, Sir Dàibhidh Norgrove, Rùnaire nan Dùthchannan Cèine gu mòr 'son na dòigh a chleachd e figearan oifigeil. Ach thuirt Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn gun robh Mgr Johnson ceart ann a bhith ag ràdh gum biodh £350m a bharrachd anns an t-seachdain aig an Riaghaltas ri chosg air seirbheisean slàinte.

Banca na Cananaich

Bho an-diugh bidh an t-Eilean Dubh às aonais banca airson a' chiad uair ann an 200 bliadhna nuair a dhùineas Banca na h-Alba am meur aca anns a' Chananaich. 'S e fear a-mach à seachd de bhancaichean na buidhne a tha a' dùnadh ann am bailtean air feadh na Gàidhealtachd anns an dà mhìos ri teachd. Dh'innis Banca Rìoghail na h-Alba agus Banca Dhail Chluaidh gun robh iadsan cuideachd a' dùnadh mheuran leothasan. Tha iad uile ag ràdh gu bheil nas lugha luchd-cleachdaidh a' dol thuca, agus gu bheil tòrr a bharrachd a-nise a' cleachdadh seirbheisean air-loidhne.

Subsadaidhean Àiteachais

Tha figearan ùra bho bhuidhnean beachdachaidh aig Oifis na h-Alba a' sealltainn gum faodadh tuathanaich is croitearan call ri linn siostam sam bith a thèid an àite taic-airgid an CAP. Tha an dàta a' sealltainn gun cailleadh Alba còrr is £2bn ann an subsadaidhean nan deadh siostam stèidhichte air àireamh sluaigh a thoirt a-steach, leis gu bheil tòrr a bharrachd thuathanach agus chroitearan ann an Alba.

Ryanair

Thuit luach earrainnean Ryanair 3% tràth sa mhadainn, an dèidh dhaibh innse gun robh iad a' cur às do dh'eadar 40 agus 50 seirbheis-adhair a h-uile là gu deireadh an Damhair. Thuirt Ryanair gun robh aca ri dèiligeadh ri saor-làithean an luchd-obrach, a dh'fheumas a bhith air an gabhail ro dheireadh na bliadhna. Dh'aidich a' chompanaidh gun robh iad air "bùrach" a dhèanamh ann a bhith a' planadh saor-làithean nam pìleatan.

Wayne Rooney

Dh'aidich Wayne Rooney gun robh e a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe. Thugar an cluicheadair ball-coise an grèim an dèidh do phoilis stad a chur air càr ann an Cheshire na bu thràithe air a' mhìos. Chaidh òrdugh seirbheis coimhearsnachd a thoirt dha, agus chaidh a chasg bho a bhith a' dràibheadh fad dà bhliadhna.

Obar Dheathain

Tha Poileas Alba a' rannsachadh bàs dithis aig taigh ann an Obar Dheathain. Chaidh oifigearan a ghairm gu Byron Crescent ann an sgìre Northfield goirid ro 9:00f oidhche Shathairne. Cha deach an còrr fiosrachaidh mun duine no mun bhoireannach fhoillseachadh. Thuirt na Poilis nach robh iad amharasach mun chùis.