Làraidh na teine air Drochaid Cheasaig

Teine Image copyright Dan Holland
Image caption Thug an teine buaidh air trafaig air an drochaid

B' fheudar an A9 a dhùnadh gach taobh oidhche Dhiluain an dèidh do làraidh a dhol na teine air Drochaid Cheasaig.

Thòisich an teine mu 19:50, 's an làraidh a' dol gu tuath.

Mhùch luchd-smàlaidh an teine, a bh' ann an caba na làraidh, agus chaidh an rathad a' dol gu deas fhosgladh a-rithist goirid an dèidh sin.

Cha robh ach aon lèana fosgailte a' dol gu tuath.

Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh.