Prìomhachas do shlighe droma nan Eilean?
- Air fhoillseachadh
Tha Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil slighe droma nan Eilean a chrìochnachadh a cheart cho cudromach do dh'eaconomaidh nan Eilean 's a bha Drochaid Phort na Ban-rìghinn do mheadhan na h-Alba.
Tha e air a bhith na amas aig a' Chomhairle an rathad air fad tro na h-Eileanan a dhèanamh dùbailte bho na seachdadan.
Ged a chaidh na milleanan de notaichean a chosg a' leasachadh nan rathaidean, cha deach an t-amas sin a choileanadh fhathast.
Le bhith a' call airgid Eòrpaich san àm ri teachd agus barrachd luchd-turais a' dèanamh air na h-Eileanan, tha Uisdean Robasdan ag ràdh gu bheil feum air tuilleadh maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba.
Airgead a bharrachd
"Air an aon loidhne far an d' fhuaireadh airgead a bharrachd airson an A9, an A82 's Drochaid Phort na Ban-rìghinn fhèin gun robh còir againne airgead a bharrachd fhaighinn sna bliadhnaichean a tha romhainn airson crìoch a chur air slighe an droma", thuirt e.
Choinnich comhairlichean Uibhisteach ri BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, 's iad a' dèanamh na h-argamaid gun robh feum air tuilleadh airgid bhon Riaghaltas airson nan rathaidean, 's uidhir de dh'uallach air buidseatan na Comhairle fhèin.
Ged a fhuair iad litir air ais bhon Riaghaltas, cha deach barrachd airgid a ghealltainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 Am Màrt 2014