Leasachadh dealain ann an Uibhist

Tòisichidh SSE a' leasachadh lìonra an dealain ann an Uibhist a Deas, Barraigh, Èirisgeigh agus Bhatarsaigh as t-Earrach an ath-bhliadhna.

Thuirt a' chompanaidh chumhachd gu bheil iad ag amas air an lìonra a neartachadh agus loidhne eile a' stèidheachadh gus an gabh an dealan a thilleadh gu daoine nas luaithe, ma chailleas iad e.

Gheibh muinntir an àite cothrom barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun obair aig coinneamhan a chumas SSE san sgìre an ath-sheachdain.

Bidh a' chiad choinneamh ann an Talla Dhalabroig Diciadain an 27mh là den t-Sultain, eadar 18:00 agus 20:00, agus an dàrna coinneamh Diardaoin an 28mh là den t-Sultain, ann an Talla Staoinibrig, 's sin cuideachd eadar 18:00 agus 20:00.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile