Suaicheantas dà-chànanach aig Poileas Alba

Police logo

Bho Dhimàirt, tha Poileas Alba gu h-oifigeil a' cleachdadh ainm agus suaicheantas dà-chànanach air an làraich-lìn aca, agus ann an àiteachan eile.

Nochdaidh an t-ainm Gàidhlig air soidhnichean, uidheamachd agus carbadan na seirbheis, am measg eile.

Tha na h-atharraichean gan dèanamh mar phàirt de dhleastanas Poileas Alba gus am Plana Gàidhlig a chur an gnìomh.

Thuirt an Leas Àrd Chonstabal, Anndra Cowie, gur e seo an ceum as ùire a tha ga dhèanamh le Poileas Alba le mar a thèid iad air adhart le bhith a' cur am Plana Gàidhlig an sàs.

"Tha dualchas làidir ann an Alba agus tha e cudromach a bhith a' cur taic ri cànanan dùthchasach, agus an t-seirbheis a dhèanamh cho ruigsinneach 's as urrainnear airson daoine aig a bheil Gàidhlig. Tha barrachd obrach ri dèanamh anns na mìosan is bliadhnaichean a tha romhainn gus na leasachaidhean a th' anns a' Phlana Ghàidhlig againn a thoirt gu buil.''

'S e pròiseact còig bliadhna a th' anns a' Phlana Ghàidhlig aig Poileas Alba, a bhios a' ruith gu 2021.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile