Billy Irving - ceithir bliadhna bho chaidh a chur an grèim

Billy Irving agus Yvonne MacHugh
Image caption Thuirt leanan Billy Irving, Yvonne MacHugh, gu bheil i fhathast dòchasach a dh'aindeoin gach dùbhlain.

Thèid ath-chuinge a thoirt gu Sràid Downing Diardaoin, le teaghlaichean shianar Bhreatanach a tha anns a' phrìosan anns na h-Ìnnseachan ann an iomairt gus feuchainn ris na fir a shaoradh.

Tha na teaghlaichean cuideachd gu bhith a' coiteachadh Bhall-Pàrlamaid, is ceithir bliadhna ann bho chaidh Billy Irving às a' Choingheal, agus còignear eile, a chur an grèim.

Bha iad air a bhith a' dìon soithichean coimearsalta bho spuinneadairean nuair a chaidh an cur an grèim air chasaidean gun robh iad air armachd a thoirt a-steach gu uisgeachan na dùthcha.

Bha na pàipearan aca - a fhuair iad bho Riaghaltas Bhreatainn - ann an òrdugh, ach fhuair britheamh na fireannaich ciontach agus fhuair iad binn phrìosain còig bliadhna an-uiridh.

Thuirt cèile Bhilly, Yvonne McHugh, gu bheil i dòchasach a dh'aindeoin gach dùbhlain.

Bha i ag ràdh gu bheil i dòchasach gum bi rudeigin a' tachairt thairis air na seachdainean ri thighinn, is britheamh ùr a' dol a choimhead ris a' chùis.