Sgioba L&H an Cupa an Football Times

Sgioba L&H
Image caption Sgioba L&H a' deasachadh.

Bidh sgioba bhall-coise Leòdhais 's na Hearadh air ais air tìr-mòr Disathairne agus iad a' cluich san iar-chuairt dheireannaich de Chupa an Football Times.

Nan aghaidh, bidh sgioba St Duthus.

Rinn iad a' chùis air sgioba Ghoillspidh anns a' chuairt mu dheireadh 3-2.

Tha sgioba Leòdhais 's na Hearadh air a bhith an ìre mhath soirbheachail anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, is iad air Cupa Chailleanach a Chinn a Tuath agus Cupa Sheoc MhicAoidh a bhuannachadh.

Tòisichidh an geama aig 12.45f ann an Baile Dhubhthaich.

Tha manaidsear na sgioba Caobhainn MacAnndrais air ceithir atharrachaidhean a thoirt air a' bhuidhinn aige son a' gheama Disathairne.

Am measg na tha a dhìth, tha caiptein na sgioba, Dòmhnall MacAoidh, bho sgioba Chàrlabhaigh.

Tha sguad Leòdhais is na Hearadh mar a leanas;

Seumas MacLeòid (Na Lochan)

Peadar MacCoinnich (Na Lochan)

Archie Dòmhnallach (Càrlabhagh)

Aonghas Grannd (Càrlabhagh)

Innes Iain Moireasdan (An Taobh Siar)

Gòrdan Caimbeul (An Taobh Siar)

Raibeart Shirkie (An Taobh Siar)

Màrtainn Shields (An Taobh Siar)

Neil Moireasdan (Nis)

Mìcheal Mac a' Ghobhainn (Nis)

Jack Dunlop (Nis)

Seumas 'Titch' Moireasdain (Nis)

Elliot Ruddal (An Rubha)

Aonghas Dòmhnallach (An Rubha)

Anndra Moireach (An Rubha)

Anndra Moireasdain (An Rubha)