Bàt-aiseig Ulapuil ga chumail aig muir

Cidhe Ulapuil
Image caption Cha leigeadh a' ghaoth leis an t-soitheach faighinn chun a' chidhe ann an Ulapul.

Chùm an droch aimsir bàta-aiseig a bh' air seòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul aig muir fad seachd uairean de thìde oidhche Luain, agus i air fàiligeadh faighinn dhan phort dà thuras.

Fhuair an MV Loch Seaforth a-steach a dh'Ulapul mu dheireadh aig 9:00f.

"Dh'fhaithricheadh tu gun robh trioblaid mhòr aice," thuirt am fear-naidheachd Tormod Caimbeul, a bha am measg na bh' air bòrd.

"Chuir i a sròin ri ceann a' chidhe an sin, agus bha i a' feuchainn beag air bheag ri tionndadh deireadh a' bhàta ris an alt-aiseig.

"Agus bha sin a' faileachadh oirre.

"Dh'fheuch iad dà thuras ceum air cheum ri sin a dhèanamh, agus bha iad a' dèanamh an dìcheill.

"Chuir iad ròpa aotrom air tìr air a' chidhe aon trup, ach cha b' urrainn dhaibh an ròpa trom.

"Thàinig iad a-mach a-rithist agus thuirt iad gun robh iad a' dol a dhol a-mach gu ceann an loch, agus a' dol a dh'fheuchainn a-rithist.

"Dh'fheuch iad an ceann sreath, agus cha do dh'obraich sin a bharrachd.

"So chaidh iad a-mach, agus chaidh an ùine seachad agus mu 9:00f fhuair sinn chun a' chidhe.

"Bha daoine rud beag mì-fhoighdinneach, ach bha mi a' smaoineachadh gun robh daoine a' tuigsinn an t-suidheachaidh - neo-àbhaisteach 's gun robh e," thuirt e.