Cuairtean Deireannnach a' Bhuinn Òir

Bonn Òir Image copyright Comunn Gàidhealach

Chaidh ceathrar fhireannach agus còignear bhoireannach troimhe gu cuairt dheireannaich a' Bhuinn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.

Ann am farpais nam fear chaidh Alasdair MacMhuirich, Ruairidh MacCarmaig, Fearghas Rothach agus John Joe MacNèill troimhe.

Ann am farpais nam ban chaidh Isabel NicLeòid, Ceitidh Chaimbeul, Shannon NicIllEathain, Claire NicAmhlaigh agus Raonaid Walker troimhe.

Thèid na cuairtean deireannach a chraoladh beò air BBC Alba oidhche Chiadain, leis a' phrògram a' tòiseachadh aig 7:30f.