Buinn Òir gan toirt seachad

Raonaid Walker agus Alasdair MacMhuirich Image copyright An Comunn Gàidhealach
Image caption Raonaid Walker agus Alasdair MacMhuirich

'S iad Raonaid Walker agus Alasdair MacMhuirich a bhuannaich Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghearasdan.

Ann am farpais nam ban bha Raonaid, à Drochaid an Aonachain, sa chiad àite.

Bha Isabel NicLeòid à Càrlabhagh san dàdrna àite.

Bhuannaich Alasdair MacMhuirich às Ìle farpais nam fear.

B' e Fearghas Rothach às a' Ghearasdan a bha san dàrna àite.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile