Là litreachais aig a' Mhòid

Coinneach MacMhathain is Ross Christie. Image copyright Johnpaul Peebles
Image caption Coinneach MacMhathain is Ross Christie.

Chaidh cuid de na prìomh dhuaisean a thoirt seachad Diciadain, ach b' e cuideachd Là Litreachais a bh' ann aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghearasdan.

B' e Ross Christie a choisinn duais Neach-Ionnsachaidh na Bliadhna. Tha Ross na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, agus choisinn e cliù airson na bha e a' sgrìobhadh mun cholaiste.

Chaidh Duais Neach-Ionnsachaidh na Bliadhna a bhuileachadh air Ross le Coinneach MacMhathain, stiùiriche ionadail na buidhne RHASS.

Chaidh duaisean litreachais do chloinn agus inbhich a thoirt seachad. Choisinn an t-Oll. Dòmhnall Meek duais Leabhar Inbhich na Bliadhna agus fhuair Maoilios Caimbeul duais Leabhar Cloinne na Bliadhna.

Shoirbhich cuideachd le ogha Mhaoilios, Eubha, a thàinig san dàrna àite ann am farpais sgeulachdan-goirid do chloinn 9-10.

Oidhche Chiadain, bhuannaich Buidheann Dràma Cille Mhoire prìomh dhuais an dràma.