Plana a dhìth mu choinneimh cosgais aiseagan

Bàt-aiseig Chal Mac

Feumaidh Còmhdhail Alba plana a chur air dòigh airson seirbheisean aiseig na dùthcha anns an àm ri teachd ma thathas a' dol a ghlèidheadh na h-ìre de sheirbheis a tha ann an-dràsta.

Tha aithisg bho Bhuidhinn Sgrùdaidh na h-Alba a' sealltainn gu bheil cosgais nan aiseigean air dùblachadh ann an deich bliadhna, agus tha dùil gu bheil iad a' dol a dh'èirigh tuilleadh.

Chosg Còmhdhail Alba còrr air £200m air seirbheisean aiseig an-uiridh.

Air lìonra Chal Mac thàinig àrdachadh de 185% thairis air an aon ùine - suas gu còrr is £130m sa bhliadhna.

A rèir Buidhne Sgrùdaidh na h-Alba tha grunn adhbharan airson seo: aiseagan ùra, seirbheisean ùra, agus sgeama nam faraidhean saora RET nam measg.

Tha cuideachd cosgaisean co-cheangalte ri cidhichean a' dol am meud.

A-niste tha a' Bhuidheann air iarraidh air Còmhdhail Alba plana a chur air dòigh airson na h-ùine fada airson dèanamh cinnteach gu bheil an t-airgead a th' air a chosg air aiseagan na h-Alba seasmhach.

Tha iad cuideachd a' moladh am pròiseas airson na cùmhnantan a chur a-mach gu tairgse a neartachadh, às dèidh an dàil a dh'adhbhraich dìth fiosrachaidh an-uiridh nuair a bhuannaich Cal Mac an cùmhnant airson aiseigean Innse Gall is Chluaidh a ruith.