Iomairtean an aghaidh ghearraidhean slàinte

Fianais ga togail san Eilean Sgitheanach
Image caption Tha mì-thoileachas san Eilean Sgitheanach, an Gallaibh agus an Gall-Ghàidhealaibh mu sheirbheisean slàinte.

Thèid grùnn chaismeachdan a chumail eadar ceann a tuath agus ceann a deas na dùthcha ro dheireadh na mìos agus dragh a' sior fhàs mu ìre sheirbheisean slàinte ann an Alba.

Tha luchd-iomairt ann an Gallaibh, san Eilean Sgitheanach agus san t-Sròn Reamhar a-niste ag iarraidh air Rùnaire na Slàinte stad a chur air gearraidhean san t-seirbheis.

Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann an Gallaibh bho thàinig air a' mhòr-chuid de bhoireannaich a tha an dùil ri leanamh a dhol a dh'Inbhir Nis, seach do dh'ospadal na sgìre.

Dh'innis Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air seirbheisean slàinte na sgìre gu lèir.

Tha dragh a' sìor fhàs mu na dh'fhaodadh a bhith air fàire.

Tha sin a' fàgail gu bheil doaine a-niste a' gabhail ri na sràidean.

Thèid caismeachdan a chumail ann an Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige seachdain Disathairne.

Bidh caismeachd cuideachd ann am Port Rìgh agus san t-Sròn Reamhar ann an Gall-Ghàidhealaibh.

Thuirt Nicola Nic na Ceardaich bhon bhuidhinn strì ann an Gallaibh gu bheil gearradh san t-seirbheis shlàinte, cion charbadan eiridinn, agus cho doirbh 's a tha e luchd-obrach fhastadh, uile a' toirt buaidh air gach coimhearsnachd.

Dh'iarr i air Rùnaire na Slàinte an aire a ghabhail air an t-suidheachadh agus stad a chur air gearraidhean.