Fireannach air bàsachadh an tubaist air an A9

Soidhne tubaiste nam Poileas

Dhearbh na Poilis gun do bhàsaich fireannach, 37, às dèidh droch thubaiste rathaid air an A9, feasgar Diciadain.

Chaidh an duine ainmeachadh mar Norbert Palfi, a bhuinneadh do Cheann a' Ghiùthsaich.

Thachair an tubaist goirid ro 4:00f, deas air an Aghaidh Mhòir, eadar làraidh agus càr.

Bha an A9 dùinte còrr air ochd uairean de thìde às dèidh na tubaiste fhad 's a bha rannsachadh ga dhèanamh.

Chaidh trafaig air an A9 a chur tron Aghaidh Mhòir fhèin.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun tubaist fios a chur orra air an àireamh fòn 101, 's gun can iad an còd-cùise M-7239-17.