Bonn Òir an t-Seann Nòis

Mòd Loch Abair Image copyright An Comunn Gàidhealach

Chaidh còignear fhireannach agus còignear bhoireannach troimhe gu cuairt dheireannach Bhuinn Òir an t-Seann Nòis aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar Diardaoin.

'S iad na fir, agus an cuid phuingean: Steven MacÌomhair (94), Màrtainn Mac an t-Saoir (93), John Joe MacNèill (92), Dòmhnall Barker (91) agus Eoghan Stiùbhart (91).

'S iad na mnà, agus an cuid phuingean: Carolyn Groat (95), Clare Jordan (94), Hannah Knight (94), Mary Bauld (93) agus Libby Morris (93).

Chaidh a h-uile duine de na fir a sheinn sa chiad fharpais troimhe.

Thèid a' chuairt dheireannach a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal, agus air BBC ALBA oidhche Ardaoin, a' tòiseachadh aig 7:30f.