Aithne shònraichte a dhìth air a' Mhòd

Suaicheantas a' Chomuinn Ghàidhealaich

Bu chòir inbhe ulaidh nàiseanta a bhith aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus Fèisean nan Gàidheal.

Sin an t-iarrtas a th' air tighinn bho chathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach.

Thog Mgr Dòmhnallach air cho fìor chudromach 's a tha tachartasan leithid a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail, agus obair den t-seòrsa ris a bheil Fèisean nan Gàidheal.

Thàinig seo agus e ag òraid aig a' Mhòd, 's e a' beachdachadh air an dreach as ùire de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

Seasmhachd Mhaoineachaidh

Thuirt e gu bheil aithne shònraichte a dhìth.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn uile ann an Gàidhlig a bhith a' coimhead air adhart agus ag ràdh uell dè na rudan a tha a' dol a bhith prìseil dhuinne anns na bliadhnaichean a tha a' dol a bhith romhainn ann an seo airson còig bliadhna eile," thuirt e

"Gu h-àraid on a tha an dà fhèis a tha sin mar gum biodh a' bualadh air daoine òga.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin gu sònraichte cudromach airson a' Phlana Ghàidhlig ùir agus airson na coimhearsnachd Gàidhlig.

"Agus mar sin tha mi ag iarraidh gum bi aithne shònraichte air a' Mhòd agus air Fèisean nan Gàidheal anns an ùine a tha romhainn."

Dh'iarr e cuideachd gum biodh seasmhachd aig buidhnean leithid a' Mhòid Naiseanta agus le Fèisean nan Gàidheal a thaobh maoineachaidh, leis gum b' urrain dhaibh planaichean a chur romhpa san ùine fhada.

Chuir Ceann-Suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul, taic ri beachd Mhgr Dhòmhnallaich.

"Tha mi ag aontachadh gu tur agus tha sin, gu h-iongantach, co-ionnan ris na beachdan a bha mi fhìn a' nochdadh aig fosgladh a' Mhòid oidhche Haoine seo chaidh," thuirt e.

"Gu bheil e cudromach gum bi aithne ga toirt dhan Mhòd Nàiseanta agus dha na Mòdan ionadail, mar phàirt den dynamic a tha a' cuideachadh a bhith a' cumail cleachdadh na Gàidhlig beò aig ìre na coimhearsnachd," thuirt e.

Thug Mgr Domhnallach taing cuideachd dhan fheadhinn a tha ag obair gu saor-thoileach aig lethid nam Modan, agus nam Fèisean, agus airson an cuid-saothrach ann a bhith a' cur na Gàidhlig an teis-mheadhain nan tachartasan.