Bonn Òir an t-Seann Nòis

Hannah Knight
Image caption Hannah Knight.

Shoirbhich le Hannah Knight agus John Joe MacNèill ann am farpais an t-Seann Nòis aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghearasdan.

Bhuannaich Hannah, à Càrlabhagh, farpais nam ban, is Carolyn Groat às a' Ghearasdan san darna àite.

Image caption John Joe MacNèill.

Ann am farpais nam fear b' e John Joe MacNèill a bhuannaich.

Bha John Joe, à Barraigh ach a tha stèidhichte sa Ghearasdan, aona phuing air thoiseach air Màrtainn Mac an t-Saoir à Dùn Èideann san darna àite.

Cluinnear barrachd air Aithris na Maidne Dihaoine bho 7.30m

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile