Slat-dhreuchd Rodney MhicCoinnich
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Slat-dhreuchd Rodney MhicCoinnich

19 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh duais ùr a thoirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar Diardaoin mar chuimhneachan air Rodney MacCoinnich nach maireann.

'S i stiùiriche Còisir An Eilein Mhuilich, Ealasaid Jack, a bhuannaich Slat-dhreuchd Rodney MhicCoinnich.

Bha Rodney na stiùiriche air Còisir Sgìr' a' Bhac airson iomadach bliadhna agus chaochaill e sa Ghearran am-bliadhna.

Tha Eilidh NicLeoid ag aithris.