125,000 bradan marbh

Bradain

Thàinig e am bàrr gun do bhàsaich 125,000 bradan às dèidh do ghalar a dhol ma sgaoil aig dà thuathanas èisg ann an Leòdhas.

Thuirt Marine Harvest gu bheil bradain eile air a bheil an galar a' tighinn air adhart le leigheas antibiotaig.

Dh'iarr iad air daoine an leisgeul a ghabhail airson fàileadh a bh' ann anns an sgìre.

Dhearbh Marine Harvest gun tug an galar Pasturella Skyensis buaidh air dà thuathanas èisg leotha ann an Loch Èireasort bhon Lùnastal.

Bha an galar air bualadh roimhe air tuathanasan èisg san Eilean Sgitheanach timcheall air a' bhliadhna 2000.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil an siostam bith-thèarainteachd aca a' ciallachadh nach sgaoil an galar gu làraichean eile, 's gu bheil smachd aca air a' ghalar a-niste le antibiotaig.

Thuirt Steve Bracken bhon chompanaidh gu bheil aon bheachd ann gu bheil blàthachadh na Cruinne is uisgeachan nas blàithe a' cur thuathanasan èisg ann an cunnart a bharrachd bho bhacteria.