Amharas mu aithisg aiseagan

Bàt-aiseig Image copyright Richard Sowersby

Thuirt Cathraiche Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar gun robh aithisg ùr Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba air aiseagan a' coimhead fada cus ri cosgaisean, seach ìre na seirbheis fhèin.

Sheall an aithisg gu bheil cosgais nan aiseigean air dùblachadh ann an deich bliadhna, agus tha dùil gu bheil iad a' dol a dh'èirigh tuilleadh.

Mhol e gun cuireadh Còmhdhail Alba plana air dòigh airson nan aiseagan anns an àm ri teachd, leis an amas ìre na seirbheis a ghlèidheadh.

Chosg Còmhdhail Alba còrr air £200m air seirbheisean aiseig an-uiridh.

Air lìonra Chal Mac thàinig àrdachadh de 185% thairis air an aon ùine - suas gu còrr is £130m sa bhliadhna.

Ach thuirt Uisdean Robasdan gu bheil e an dòchas nach e oidhirp a tha seo na thathas a' cosg air seirbheisean aiseig a lùghdachadh.

"'S ann a dh'iarramaid-ne, ann an dòigh, barrachd sheirbheisean, barrachd leasachaidhean is barrachd aiseagan ùra," thuirt e.

"Barrachd aiseagan a' seòladh - 's e sin a dh'iarramaid.

"Tha an aithisg seo gu ìre draghail, bhon chan eil fhios agam dè tha iad a' feuchainn ri innse dhuinn ann an dòigh.

"Tha mi an dòchas nach e putadh a th' ann airson lùghdachadh sam bith a dhèanamh air na cosgaisean," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo