Mòdan 2021 agus 2022

Suaicheantas a' Chomuinn Ghàidhealaich Image copyright An Comunn Gàidhealach

Chaidh na h-àiteachan far an tèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an 2021 agus 2022 fhoillseachadh.

Ma 's e 's gum faigh Pàislig inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte ann an 2021, thèid Mòd na bliadhna sin a chumail ann.

Mura faigh am baile an inbhe, tha dùil gun tèid Mòd 2021 a chumail ann am Peairt, agus gum faigh Pàislig am Mòd ann an 2022.

Dheadh am Mòd a chumail ann am Peairt ann an 2022 ma thèid a chumail am Pàislig ann an 2021.

Thuirt an Comunn Gàidhealach gun robh an dà thagradh air leth làidir, agus gun tèid na Mòdan a chumail thairis air an dà bhliadhna

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.