Farpaisean nan Còisirean Sgìreil

Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain
Image caption Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain

Bha na còisirean sgìreil a' farpais airson duaisean air an là mu dheireadh de dh'fharpaisean aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns a' Ghearasdan Dihaoine.

'S iad Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a ghlèidh Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn.

Ghlèidh Còisir Ghàidhlig Loch Abar Cuach Cuimhneachain Mairead NicDhonnchaidh.

Image caption Còisir Ghàidhlig Loch Abar

Na bu tràithe den là, bhuannaich Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu farpais a' Phuirt a Beul, Sgiath Mhuile is Ìdhe (Fir), agus Geall-Dùbhlain Esme Smythe (Mnathan).